Fàilte / Bienvenue / Welcome


Fàilte dhan làrach-lìn den Acadamaidh Shorinji-ryu na h-Alba. Tha ballrachd againn anns an Kokusai Butokukai, a chaidh a stèidheachadh le Hanshi Richard Kim (1917-2001). Tha clasaichean againn ann an ealain mhàirsealach Shorinji-ryu, sin ri ràdh carataidh, kobudo (armachd) Qi Kung agus Tai Chi.

Tha na clasaichean seo airson cothrom a thoirt dha fileantaich a bhith an-sàs ann an clasaichean carataidh a bhios làn spòrs agus feumail. Chaidh clasaichean mar seo a chumail air an làrach aig Sabhal Mòr Ostaig airson faisg air 15 bliadhna, agus nas fhaide ann am Baile Dhubhthaich le taic fialaidh tron iomairt Sradagan. Le bhith a’ gluasad air loidhne bidh an cothrom ann dha fileantaich air feadh Alba agus, ’s dòcha, nas fhaide air falbh.  Bidh fàilte ron a h-uile leanabh le Gàidhlig.

Tha an Dr Alasdair MacMhaoirn a’ toirt seachad nan clasaichean. B’ àbhaist dha a bhith na h-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha an 5mh dan aige ann an Shorinji-ryu.

Airson barrachd fiosrachaidh mun Kokusai Butokukai thoiribh sùil air an làrach-lìn aca:

https://www.shorinjiryu.info/kokusaibutokukai/

Create your website or online store with Mozello

Quickly, easily, without programming.

Report abuse Learn more